| FÀILTE
GU CULTAR NA H-ALBA
Ann an Cultar na h-Alba gheibhear gach goireas dealanach
is corporra a tha a’ foillseachadh iomadachd bheairteach
cultar na h-Alba. Faodaidh sibh rannsachadh a dhèanamh
air taghadh de ghoireasan, nam measg ceòl, litreachas,
spòrs, maoineachadh agus fiosrachadh mu thachartasan.
Seo an cothrom agaibhse ar cuideachadh
gus an t-seirbheis a leasachadh le bhith a’ cur ur
molaidhean a thaobh an dealbhachaidh, na feartan rannsachaidh
agus susbaint ùr gu Penny
Robertson .
’S e pròiseict dhearbhaidh
a thathar an dùil a ruitheas airson 18-24 mìos
a tha ann am portal Cultar na h-Alba. Tha a’ phròiseict
maoinichte le Riaghaltas na h-Alba.
’S e amas na pròiseict
a bhith a’ solarachadh inneal rannsachaidh neartmhor
airson fiosrachadh clò-bhuailte agus dealanach mu
Chultar na h-Alba a ruigsinn. Tha am fiosrachadh seo air
a chumail ann an raon farsaing de dh’àiteachan
leithid leabharlannan, taighean-tasgaidh is tasglannan,
agus ann an goireasan eadarlìn a tha sònraichte
a thaobh a’ chultair agus a lorgas a’ bhuidheann
phortal. ’S e miann na pròiseict a bhith ag
obrachadh mar fòcas airson leasachadh cultarail.
’S e amas na h-iomairte seo
cothrom gus faighinn chun an stuth a leudachadh don a’
phoball; dhaibhsan aig gach ìre de dh’fhoghlam
– a’ gabhail a-steach ionnsachadh fad-bheatha;
luchd-foghlaim; agus daoine a dh’fhaodadh tadhal air
Alba – dha-rìreabh, gach duine le ùidh
ann an Cultar na h-Alba. Bheir an t-seirbheis cothrom gus
faighinn gu raon farsaing de ghoireasan clò-bhuailte
agus dealanach, nam measg dàta a tha air a chumail
le buidhnean nàiseanta agus ionadail, ealanlannan,
taighean-tasgaidh, leabharlannan agus ùghdarrasan
ionadail, tro aon bheart-rannsachaidh.
|